Fàg soraidh slàn aig rùrachadh an lìn air tòir bathair-bhog. Le ionad a' bhathair-bhog aig Ubuntu, gheibh thu greim air aplacaidean ùra gun duilgheadas sam bith. Cha leig thu leas ach na tha a dhìth ort a chur a-steach no roinn a rùrachadh, can saidheans, foghlam no geamannan. Agus chithear ann beachdan feumail o luchd-cleachdaidh eile cuideachd.
